Teisteanas – Kirsty Elder

Is mise Kirsty agus tha mi a’ dèanamh ceum ann am Foghlam Bunsgoil le Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann. Bu toigh leam a bhith nam thidsear agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e cudromach gu bheil gu leòr tidsearan Gàidhlig ann.

Bha mi air leth toilichte tabhartas fhaighinn. Tha mi nam bhall den Chomann Ceilteach aig Oilthigh Dhùn Èideann, agus chaidh mi a Leòdhas airson seachdain còmhla riutha. B’e turas oileanaich a bh’ ann agus chaidh mi ann còmhla ri fichead oileanach eile. Bha sinn a’ fuireach anns na Gearrannan, a tha na bhaile de thaighean dubha. Rinn sinn clasaichean Gàidhlig ann an e-sgoil gach madainn. ’S e sgoil air-loidhne a th’ ann – bha sinne ann an Steòrnabhagh agus bha an tidsear againn ann an Uibhist.

Thug an tabhartas dhomh cothrom a dhol a Leòdhas, agus bha an turas math airson mo chuid Ghàidhlig.

 

Kirsty Elder