Teisteanas – Robbie MacLeòid

Às dèidh dhomh crìoch a chur air m’ fho-cheum aig Oilthigh Ghlaschu ann an 2016, bha fhios agam gun robh mi airson iar-cheum a dhèanamh. Tha mi an-dràsta ri Maighstireachd tro Rannsachaidh, no MRes, ann an Ceiltis agus Gàidhlig. Ged tha maoineachadh ann airson fo-cheumnaich, agus airson PhDan, tha coltas nach eil an t-uamhas ann airson taic a chumail ri Maighstireachdan. Mar sin, tha mi air leth taingeil do Urras Brosnachaidh na Gàidhlig airson na tha iad air dhèanamh airson mo chumail aig an Oilthigh.

Tha taic airgeid bho bhuidheann leithid Urras Brosnachaidh na Gàidhlig cho feumail ’s a ghabhas. Tha e na fhaochadh, chan ann a-mhàin a thaobh ionmhais ach cuideachd a thaobh obair oilthighe agus slàinteas inntinn.

Aig ìre nas fharsainge, tha taic airgeid a’ ciallachadh nach ann a-mhàin do nan fheadhainn aig a bheil airgead a tha oilthigh, agus cha bu chòir dha bhith. Tha tùsan maoineachaidh leithid Urras Brosnachaidh na Gàidhlig a’ ciallachadh gun tèid aig daoine dol dhan oilthigh aig nach biodh an cothrom às an aonais.

As t-fhoghar, tòisichidh mi air PhD aig Oilthigh Ghlaschu. Cha b’ urrainnear sin a dhèanamh gun taic leithid Urras Brosnachaidh na Gàidhlig.