Teisteanas – Steven MacÌomhair

Tha e doirbh a chreidsinn gu bheil a’ chiad bhliadhna agam air a’ chùrsa seo ullamh.  Tha ‘n cùrsa seo a’ còrdadh rium gu mòr is tha e air a bhith air leth freagarrach dhomhsa airson m’ùidh ann am foghlam a bhrosnachadh fhad ’s a tha mi ag ionnsachadh rudan ùra agus a’ deisealadh airson dreuchd mar thidsear.  ’S e Clann agus an Ionnsachadh am modal as fheàrr leam leis gur e seo a’ mhodal a tha a’ ceangal gu dlùth le foghlam agus far a bheil mi ag ionnsachadh sgilean nach robh agam roimhe.  Tha na clasaichean seo uabhsach inntinneach agus chan urra dhomh ach Seonaidh Charity a mholadh airson a bhith na dheagh oide air a’ chùrsa seo.

’S iad nan greisean sgoile fhèin a tha còrdadh rium nas fheàrr ged-tà.  Ged a tha e inntinneach a bhith ag ionnsachadh sa chlas chan eil sìon eile coltach ri bhith a-muigh am measg clann agus ‘a’ teagasg’! Dh’fhaodadh tu ag ràdh gun ionnsaich thu barrachd ann an latha san dòigh sin na seachdain sna clasaichean agad fhèin.

Tha an cùrsa seo a’ dearbhadh dhomhsa gu bheil mi ag iarraidh a bhith nam thidsear is chan eil aithreachas orm gun do chuir mi a-steach air a shon.

Tha mi a’ feuchainn a bhith mar phàirt de rudan a bharrachd a tha dol sna sgoiltean anns a bhith mi airson mo ghreisean sgoile airson cuir ris na sgilean agus ionnsachadh agam.

Tha aon bliadhna agam ri dhol as-dèidh an tè seo agus tha mi a’ smaoineachadh gum bi mi ann an Bun-sgoil Inbhir Pheofharain.  Ged a bhios na lugha de chlasaichean againn an-ath bhliadhn’ bidh barrachd greisean sgoile ann is bidh againn ri trachdas a sgrìobhadh.

Tha mi air leth taingeil do dh’Urras Brosnachaidh na Gaidhlig airson an t-airgead a fhuair mi mar thabhartas.  Tha e air a bhith na chuideachadh dhomhsa gus tòrr den uallach airgid a bh’ orm a shasachadh a thaobh cìsean, billaichean agus cosgaisean leabhraichean is goireasan.  As aonais seo bhiodh cùisean air a bhith nas duilighe dhomh is ged a tha mi a’ feuchainn beagan obair a dhèanamh nam ùine fhèin, tha seo gu math duilich leis gu feum thu tòrr ùine a chuir seachad air a’ chùrsa agus thug an t-airgead seo barrachd saorsa dhomh.

Mòran taing.

Steven MacÌomhair