Teisteanas – Rachel MacDougall

Bha an t-airgead a fhuair mi gu math feumail dhomh agus tha mi buidheach do dh’Urras Brosnachaidh na Gàidhlig. Tha mi air a bhith air greis-gnìomhachais ann am bun-sgoil Ghàidhlig fad bliadhna, agus cheannaich mi leabhraichean agus goireasan ceangailte ri foghlam agus Gàidhlig. Chleachd mi na leabhraichean airson na Gàidhlig agam fhìn a bhrosnachadh.

Chleachd mi pàirt den airgead air turas chun nan Eilean Siar, gu h-àraidh Uibhist a Deas, far an robh mi a’ fuireach còmhla ri daoine aig a bheil Gàidhlig. ’S e cothrom sgoinneil a bh’ ann Gàidhlig a bhruidhinn agus mearachdan a cheartachadh ann an àite nàdarra.

Air sgàth ’s gu bheil mi cho trang aig an sgoil, chan eil ùine agam a bhith ag obair pàirt-ùine agus, aig amannan, tha seo a’ cur cuideim orm. Às dèidh dhomh an taic-airgid fhaighinn bho Urras Brosnachaidh na Gàidhlig, cha robh uallach orm tuilleadh agus b’ urrainn dhomh an obair as fheàrr agam a dhèanamh, agus ùine a chosg air brosnachadh mo chuid Ghàidhlig.

Nan robh cothrom eile agam taic-airgid fhaighinn, dèanainn cùrsa goirid aig Sabhal Mòr Ostaig – saoilidh mi gum biodh e uabhasach feumail.

Mholainn dhut tagradh a chur a-steach do dh’Urras Brosnachaidh na Gàidhlig, air sgàth ’s gun robh an taic-airgid a fhuair mi glè fheumail ann a bhith a’ leasachadh na sgilean cànain agam – bha airgead agam airson goireasan, cùrsaichean agus taic.

Rachel MacDougall