Teisteanas – Marcel Gurillo

B’ ann dà bhliadhna air ais, ann an 2014, nuair a dh’fhàg mi an àrd-sgoil ann an València is a thàinig mi gu Sabhal Mòr Ostaig airson ceum a dhèanamh ann an Gàidhlig . Thòisich mi leis a’ Chùrsa Chomais, is a-nis tha mi air an treas bhliadhna ann an Gàidhlig le Foghlam (MA). Tha mi air a bhith air leth fortanach gun robh a leithid ann ri Urras Brosnachaidh na Gàidhlig airson taic-ionmhais a thoirt dhomh bhon toiseach-tòisichidh. Tha mi air taic fhaighinn bhuapa gach bliadhna bhon a thòisich mi mo cheum, is tha sin air a bhith gu math cuideachail dhomh airson cumail a’ dol, on a bhios e caran duilich do dh’oileanaich dèiligeadh ri cosgaisean, mar a tha fios againn uile.

Le sin, tha mi dha-rìribh taingeil do dh’Urras Brosnachaidh airson mo chuideachadh, agus tha mi an dòchas gun tig orra an spèis air a bheil iad airidh airson a’ ghnìomh uaisle a tha seo.

Marcel Gurillo, oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig