Teisteanas – Kathleen Reddy

’S e cuspair mo chuid rannsachaidh ùrnaighean beul-aithriseach nan Gàidheal ann an Uibhist agus Barraigh san 19mh linn agus san 20mh linn. Saoilidh mi gu bheil an rannsachadh seo gu math feumail dhan choimhearsnachd Ghàidhlig agus sinn a’ dèanamh oidhirp gus ar fèin-aithne a ghabhail os làimh ann an iomadach seadh, agus spioradalachd na phàirt riatanach dhen dualchas againn. Cha deach mòran rannsachaidh dhen t-seòrsa seo a dhèanamh thuige seo, agus mar sin, chì mi gu bheil beàrn ann ri lìonadh a thaobh an eòlais a th’ againn air cànan is cultar nan Gàidheal.

Air sàilleabh ’s gur ann à Canada a tha mi, tha na cìsean oileanaich agam nas àirde na tha iad aig oileanaich à Alba. Tha an taic a fhuair mi bho Urras Brosnachaidh na Gàidhlig air a bhith air leth cuideachail dhomhsa gus na cìsean agam a phàigheadh. Mo thaing mhòr do dh’Urras Brosnachaidh na Gàidhlig.

Kathleen Reddy, Alba Nuadh, Canada