Teisteanas – Hannah NicDiarmaid

Rinn mi fo-cheum ann an Cànan agus Cultar na Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig an toiseach, agus nuair a cheumnaich mi, bha mi ag iarraidh gu mòr a bhith ag obair gu dlùth leis a’ chànan ann an eadar-theangachadh. Leis a seo, chan e a-mhàin gum bithinn a’ cuideachadh gus a’ chànan a brosnachadh agus a dìonadh, bhithinn cuideachd a’ leasachadh agus a’ neartachadh mo chuid Ghàidhlig fhèin.

Aig toiseach na bliadhna, chuir mi romham ceum maighstireachd a dhèanamh ann an sgrùdadh eadar-theangachaidh aig Oilthigh Obar Dheathain. ’S e cùrsa bliadhnach a th’ ann, anns an ionnsaichear teòiridh agus sgilean practaigeach eadar-theangachaidh.

Tha mi air leth taingeil do dh’Urras Brosnachaidh na Gàidhlig airson tabhartas fhaighinn. As aonais an cuideachadh, bhiodh e fada na bu dhoirbhe dhomh an ceum seo a thòiseachadh, oir chaidh pàirt mhòr den airgead gu cìsean a’ cheum.

A-nise, tha mi ann an Obar Dheathain agus a’ tòiseachadh air a’ chùrsa – is tha e na thlachd dhomh barrachd ionnsachadh mu eadar-theangachadh agus a’ tachairt ri dhaoine ùra. Feumaidh mi taing mhòr a thoirt a-rithist do dh’Urras Brosnachaidh na Gàidhlig airson a’ chothrom seo, an tabhartas, agus airson an taic.