Teisteanas – Fraser McRobert

’S ann bho chionn sia bliadhna a thòisich mi air Gàidhlig ionnsachadh a-nise, agus bhon a thòisich mi, tha mi air a bhith mothachail gum biodh bliadhna bogaidh uabhasach feumail dha na sgilean labhairt agam anns a’ Ghàidhlig.  Am bliadhna, an dèidh dhomh ceumnachadh bhon oilthigh, chuir mi romham bliadhna a chur seachad aig an t-Sabhal Mhòr air a’ chùrsa Gàidhlig is Conaltradh.

’S co-dhùnadh mòr a bh’ ann a bhith a’ cumail a’ dol le foghlam àrd-ìre airson bliadhna eile, an àite a bhith a’ dol do shaoghal na h-obrach, gu sònraichte nuair a thàinig e gu maoineachadh, ach bha mi den bheachd gum biodh e uabhasach feumail dhomh, agus gun cuideachadh e mi a bhith ag ionnsachadh barrachd mu chultar is seanchas nan Gàidheal, is mar sin tha mi air leth taingeil airson an taic a fhuair mi bho Urras Brosnachaidh na Gàidhlig.  Gun an taic a tha seo, bhiodh e air a bhith air leth doirbh an uiread de rudan ionnsachadh tron bhliadhna.

’S e cùrsa domhainn, dùbhlanach is beòthail a th’ ann an Gàidhlig is Conaltradh, is agus thug e orm oidhirp mhòr a dhèanamh gus mo chuid Ghàidhlig a neartachadh, agus thug e dhomh cuideachd dealbh nas soilleir de shuidheachadh na Gàidhlig an-diugh, is den choimhearsnachd a tha na lùib.  Chleachd mi an cànan a h-uile latha – rinn mi deasbadan sa chlas, dh’ionnsaich mi barrachd mu chultar a’ chànain is thòisich mi air nobhailean sa chànan – mholainn bliadhna an seo gu mòr.

Tha mi a-nis ag obair do Dhachaigh airson Stòras na Gàidhlig (DASG) ann an Oilthigh Ghlaschu, a’ bruidhinn Gàidhlig a h-uile latha, is ag obair gus dèanamh cinnteach gu bheil e cho furasta ‘s a ghabhas beartas ar cànain fhaicinn air-loidhne dha na ginealaichean a thig nar dèidh.  Tha a’ Ghàidhlig a-nis na phàirt àbhaisteach de mo bheatha, agus chan eil mi an dùil gun atharraich sinn anns an àm ri teachd nas mò.

 

Fraser McRobert