Teisteanas – Elspeth Turner

Tha ùidh ann an Gàidhlig air a bhith agam fad bhliadhnaichean, agus tha mi glè fhortanach gun d’ fhuair mi an cothrom An Cùrsa Comais a dhèanamh aig Sabhal Mòr Ostaig am bliadhna.

‘S e cleasaiche agus sgrìobhaiche a th’ annam, agus ‘ s e rud caran eagallach a bh’ ann, a bhith air an obair agam a chur dhan dàrna taobh, fhad ‘s a bha mi gu bhith nam oileanach a-rithist. Thathar ag ràdh gu bheil e dùbhlanach an t-airgead a lorg airson foghlam làn thìde, agus tha sin cho fìor ‘s a ghabhas. Mar sin, tha mi air leth taingeil airson an tabhartas a fhuair mi bho Urras Brosnachaidh na Gàidhlig – tha e air tòrr diofar a dhèanamh dhomh.

Chan b’ urrainn don teagaisg an seo a bhith na b’ fheàrr. Tha mo chuid Ghàidhlig air tighinn air adhart gu mòr, agus a thaobh chuspairean eile –  tha e dìreach iongantach a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn eachdraidh na Gàidhlig, mar eisimpleir, tro meadhan na Gàidhlig: ‘s e rud cumhachdach a th’ ann an seo, nam bheachdsa. A bharrachd air sin, tha mi a’ faighinn leasanan seinn bho Christine Primrose agus leasanan air an fhidheall bho Iain MacPhàrlain. O chionn goirid, thill mi bho Inbhir Nis, far an do rinn mi greis-gnìomhachais aig a’ BBC, agus a-nis tha mi ag ullachadh airson na deuchainnean.

As-dèidh a’ chùrsa, bidh mi ag obair air an dealbh cluiche ùr agam, Buaireas anns an Uisge, agus bidh mi ga sgrìobhadh ann an Gàidhlig agus ann am Beurla. Tha mi a’ dèanamh fiughair ris gu mòr, agus saoilidh mi gun cleachd mi mo chuid Ghàidhlig gu sìorraidh, sna bliadhnaichean a tha romham.

Elspeth Turner